Luchd-obrach Oifis a' Phuist air stailc

  • Air fhoillseachadh
Oifis a' PhuistTùs an deilbh, Gannet77

Tha stailc am measg luchd-obrach Oifis a' Phuist a' bualadh air 10 meur ann an Alba is oifisean Inbhir Nis is Steòrnabhaigh nam measg.

Thàinig seo is buill aonadh an CWU air bhòtadh 'son stailc 24 uairean de thìde.

Bheir an stailc buaidh air Oifisean Puist a' Chrùin, na prìomh oifisean a th' ann.

Tha aonadh an CWU ag ràdh gun deach pàigheadh a reòthadh 'son 2021-22 le àrdachadh 2% agus suim de £250 a' bhliadhna às dèidh sin.

Saothair

Thuirt an t-aonadh gu bheil seo "maslach" agus gun do rinn iad a' chompanaidh prothaid san dà bhliadhna mu dheireadh "air sgàth saothair luchd-obrach riatanach".

Tha iad ag ràdh nach eil an t-àrdachadh idir mòr gu leòr airson cumail suas ri cosgaisean bith-beò.

Thuirt stiùirichean Oifis a' Phuist gu bheil an t-àrdachadh a rèir poileasaidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.

Dh'innis iad gu bheil 11,000 meur aca air feadh na Rìoghachd Aonaichte is gum bi a' mhòr-chuid fosgailte mar as àbhaist Dimàirt.

A thuilleadh air oifisean Inbhir Nis is Steòrnabhaigh, bheir an stailc buaidh air oifisean aig Pàrlamaid na h-Alba, Margaidh Waverley is Wester Hailes ann an Dùn Èideann, Haddington, Sràid West Nile is Springburn Way ann an Glaschu, is ann an Saltcoats is Kirkwall.