Am Bac is Aths troimhe an Cupa Leòdhais

  • Air fhoillseachadh
Lìon

Bidh am Bac an aghaidh Aths sa chuairt dheireannaich de Chupa Leòdhais is an dà sgioba air buannachadh oidhche Luain.

'S e tadhal bho Eòghan MacAnndrais goirid ro leathach-slighe a rinn a' chùis airson a' Bhac an aghaidh Nis aig Col Uarach is an geama a' crìochnachadh 1-0.

Bha cùisean a cheart cho teann air an Tairbeart eadar na Hearadh agus Athletic.

Thàinig an tadhal cudromach sa gheama sin tràth san dàrna leth bho Fhriseal MacLeòid, is ged a bha cothroman aig na Hearaich 's ann a chrìochnaich e 1-0.

Bidh a' chuairt dheireannach ann Dihaoine an 20mh den Chèitean aig Pàirc Chnoc nan Gobhar.

Tha na geamaichean ann am ball-coise ionadail an t-seachdain seo mar a leanas:

Lìog Leòdhais agus na Hearadh - Dihaoine 06/05 (uile 7f)

United Steòrnabhaigh - Càrlabhagh

An Taobh Siar - Athletic Steòrnabhaigh

An Rubha - Na Lochan

Nis - Na Hearadh

Lìog an Eilein Sgitheanaich 's Loch Aillse - Disathairne 07/05

Port Rìgh - Malaig (3f)

An Caol - Juniors Port Rìgh (3f)

Slèite agus An Srath - Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich (6f)

Lìog Uibhist is Bharraigh - Diciadain 04.05.22

Southend - Uibhist a Tuath (air a chur dheth)

Disathairne 07/05

Barraigh - Saints an Iochdair (12:30f)