
'S e bàta-aiseig a bha a' dol seachad a chuir fios air na seirbheisean-èiginn.
Thèid rannsachadh tubaist bhàsmhoir a chumail mu bhàs ochdnar chriutha nuair a chaidh bàta fodha anns a' Chaol Arcach ann an stoirm mhòir ann an 2015.
Chaidh fios a chur air na seirbheisean-èiginn às dèidh mar a chaidh slige na Cemfjord fhaicinn san uisge le bàta-aiseig a bha a' dol seachad, is i air car a chur dhi.
Chaidh am bàta bathair, a bha air a clàradh ann an Ciòpras, fodha às dèidh sin.
Bhàsaich seachdnar Phòlannach agus aon Filipineach san tubaist.
B' iad sin:
Pawel Chruscinski, 43
Jaroslaw Orlow, 54
Roman Tamas, 56
Jerome Narvas, 32
Henryk Dubanowski, 55
Tomasz Kwiatkowski, 31
Artur Podrazka, 24
Artur Wegorek, 24
Dh'innis Oifis a' Chrùin agus Seirbheis an Neach-casaid (COPFS) gum bi rannsachadh ann.
Thuirt Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara ann an 2016 gum faodadh bàs nan daoine a bhith air an seachnadh nam biodh am maighstir air feuchainn ri fasgadh a lorg.
Thuirt iad gun robh coltas gun tug uallach coimeirsealta buaidh air co-dhùnadh a' mhaighstir, is gun robh fìor dhroch stoirm ann aig an àm.