Tuathanaich uisge a' tighinn còmhla

  • Air fhoillseachadh
Tuathanas-èisgTùs an deilbh, PA Media

'S ann air na h-atharrachaidhean a dh'adhbharaich am pandemic agus Brexit a bhios aire co-labhairt air tuathanachas-uisge a thèid a chumail san Aghaidh Mhòir an t-seachdain seo.

Cha deach a' cho-labhairt bhliadhnail a chumail san dà bhliadhna mu dheireadh, ach 's àbhaist dhi a bhith a' tàladh feadhainn à cho fada air falbh ri Nirribhidh agus Chile.

Thathas a' tomhas gu bheil luach còrr air £800m sa bhliadhna an lùib tuathanachais-uisge do dh'eaconomaidh na h-Alba, 's e a' cumail cosnaidh ri 10,000 duine.

"Thachair an t-uabhas de dh'atharrachadh nach fhacas a leithid riamh, agus ris nach robh an dùil, ri linn Bhrexit agus a' phandemic," thuirt Elaine Jamieson, a tha na ceannard air biadh is deoch aig Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, 's a bhios an làthair aig a' cho-labhairt.

"Ach tha roinn an tuathanachais-uisge air tighinn troimhe sin gu math, 's tha dol gu math dhi - gach cuid luchd-àraich, agus gu cudromach, an luchd-lìbhrigidh cuideachd.

"Mar sin dheth, 's math cothrom a bhith ann gu foirmeil, agus gu neo-fhoirmeil, coinneachadh ri càch a chèile, dìreach airson beachdachadh air na thachair san dà bhliadhna mu dheireadh, agus airson coimhead air thoiseach oirnn."