
Tha Poileas Alba a' sireadh fiosrachaidh mu mhèirle chaorach ann an Leòdhas.
Bha aithrisean air nochdadh mar-thà gun deach na caoraich a dhìth bho thalamh ionaltraidh Lacasaigh.
Tha na Poilis a-nise air tagradh a dhèanamh 'son fiosrachaidh is iad ag ràdh gu bheil a h-uile coltas ann gun deach 32 caora is 23 uain a ghoid.
Thuirt iad gur e measgachadh de bhriodaichean a bha anns na beathaichean. Bha peant uaine air an guailnean, le comharran gorma, uaine, dearga no purpaidh air an druim.
Farsaing
Ged a chaidh rannsachadh farsaing a dhèanamh bho chaidh na caoraich a dhìth, cha robh sgeul orra, is na Poilis ag ràdh mar sin gu bheil coltas ann gun deach an goid
Thuirt na Poilis leis na bh' ann de chaoraich, gur dòcha gun deach trèilear a chleachdadh 'son falbh leotha.
Tha iad 'son bruidhinn ri duine sam bith a chunnaic a' mhèirle no dad amharasach san sgìre, no a tha den bheachd gun deach na caoraich a thabhainn dhaibh.
Bu chòir fònadh gu na Poilis air 101 is àireamh CR/18154/22 a thoirt seachad, no fònadh gu Crimestoppers air 0800 555 111.