Naidheachdan 11:00m

An Ucràin

Dh'fhoillsich an Comisean Eòrpach molaidhean 'son casg-bhannan ùr air Mosco agus nam measg tha casg air ola na Ruis ro dheireadh na bliadhna seo. Thuirt Ceann-suidhe a' Chomisein, Ursula von der Leyen, gur ann mean air mhean a bhios iad a' cur nan smachd-bhannan an sàs. Bidh riochdairean nan diofar dhùthchanan a' coinneachadh an-diugh fhathast a dheasbad an cuir iad aonta ris na molaidhean.

Tha pàirtean de bhaile Lviv air taobh siar na h-Ucràin gun dealan no uisge an dèidh ionnnsaighean Ruiseanach. Tha sabaid chruaidh cuideachd air taobh sear na dùthcha. Tha aithrisean ann gu bheil an Ruis a' feuchainn ri smachd fhaighinn air baile Izyum 'son feachdan Ucràinianach a ghearradh dheth nas fhaide deas. Agus tha ionnsaigh as ùr air an ionad stàlainn ann am Mariupol far a bheil saighdearan Ucràinianach agus sìobhaltaich a' gabhail fasgaidh.

Fògarraich

Tha rannsachadh a rinn am BBC ag ràdh gu bheil fir aig a bheil droch eachdraidh agus a dh'fhaodadh a bhith cunnartach a' gabhail brath air sgeama an riaghaltais 'son fògarraich às an Ucràin. Tha iad sin a' cleachdadh nam meadhanan-sòisealta a' tabhann àite anns am fuirich iad air boireannaich às an Ucràin. Thuirt an riaghaltas gu bheil an siostam a th' ann a' cur dìon air fògarraich.

HRT

Thèid beachdachadh a-rithist air leigheas HRT a tha ga dhiùltadh do bhoireannaich ann an Alba. Thèid an druga utrogestan a chur ma choinneamh Co-bhanntachd Chungaidhean-leigheis na h-Alba uair eile an dèidh dhan phreasantair telebhisein, Davina McCall, a thoirt am follais nach eil e ri fhaotainn ann an Alba.

Taghaidhean Comhairle

'S e an-diugh an là mu dheireadh ann an iomairt nan taghaidhean comhairle ron bhòt a-màireach. Thèid còrr 's mìle agus dà cheud comhairliche a thilleadh dhan dhà dheug thar fhichead ùghdarras ionadail a th' ann an Alba. Tòisichidh cunntas nam bhòtaichean sa mhadainn Dihaoine.

Loganair

Dh'aidich àrd-oifigeach Loganair, Jonathan Hinkles, nach tug iad seachad air a' mhìos seo chaidh an seòrsa seirbheis air a bheil muinntir na Gàidhealtachd agus nan Eilean airidh. Thuirt Mgr Hinkles gur e ìre àrd de Chovid am measg luchd-obrach agus maill a' seirbheiseachadh itealan as coireach. Ach thuirt e eadar cosgais a' fasdadh luchd-obrach, aonta pàighidh ùr agus pleanaichean ùra, gu bheil e gu math cinnteach gun till an t-seirbheis dhan àbhaist a dh'aithghearr.