Oifigear leasachaidh Gàidhlig am Port Rìgh 's a' Bhràighe

  • Air fhoillseachadh
Port RìghTùs an deilbh, Ian Cunnliffe/Geograph

Chaidh oifigear-leasachaidh fhastadh 'son na Gàidhlig ann am prìomh bhaile an Eilein Sgitheanaich.

'S e Comhairle agus Urras Coimhearsnachd Phort Rìgh agus a' Bhràighe a th' air cùl na h-iomairt "Bruidhinn an-àirde airson na Gàidhlig" agus tha iad a' cur na h-uimhir de thachartsan air dòigh ann am Port Rìgh.

"Feasgar Diluain bha mi a' dol mun cuairt air na bùithdean 's na gnìomhachasan 's a' feuchainn ri toirt orra Gàidhlig a bhruidhinn ri daoine, agus stiogair beag a chur anns an uinneig ag innse dhaibh gun robh a' Ghàidhlig aca, no gum biodh deagh èisteachd air a' Ghàidhlig nan tigeadh daoine a-steach," thuirt an t-oifigear leasachaidh ùr, Iona NicDhòmhnaill.

"Agus tha mi a' smaointinn gun d' fhuair mi fhèin deagh èisteachd cuideachd. Bha a h-uile duine air a shon - agus gu mòr air a shon.

"Tha mi a' smaointinn gun tig e ri chèile glè mhath.

"Sa chiad dol-a-mach, tha mi an dòchas gum bi daoine a' smaoineachadh gu bheil e iomchaidh a' Ghàidhlig a bhruidhinn san Eilean Sgitheanach, gu h-àraid ann am Port Rìgh agus sa Bhràighe.

"Agus cuideachd anns na gnìomhachasan, gum bi iad a' sealltainn do mhuinntir an àite agus do luchd-turais gu bheil Gàidhlig fhathast beò anns an àite.

"Gu h-àraid, bha mise airson sealltainn do luchd-turais gun robh fada a bharrachd na cruth-tìre dhan Eilean Sgitheanach.

"Gun robh dualchas, dùthchas, cànan eadar-dhealaichte againn cuideachd a bha a' cheart cho airidh air moladh."