Naidheachdan 12:00m

Na Taghaidhean Ionadail

Dh'aidich ceannard nan Tòraidhean an Alba, Dùghlas Ros, gur e briseadh dùil a th' anns na taghaidhean comhairle ann an Sasainn far an deach earrainn mhath den bhòt a chunntas. Chaill na Tòraidhean sia comhairlean aig an ìre seo, nam measg an fheadhainn ann an Lunnainn air na robh smachd aca bho chionn ùine - Wandsworth, Westminster agus Barnet. A' bruidhinn air Radio Alba an-diugh thuirt Mgr Ros gu bheil e ro thràth innse fhathast dè an taobh a thèid bhòt na h-Alba, ach thuirt e gu bheil a h-uile coltas gu bheil an sgainneal mu na pàrtaidhean aig Westminster a' dìoladh air na Tòraidhean. 'S iad na Libearalaich Dheamocratach am pàrtaidh as motha a th' air sgìrean a ghlèidheadh às ùr ann an Sasainn.

Bidh greis mhath den fheasgar ann mus till co-dhùnadh na bhòta sa mhòr-chuid de dh'Alba. Tha na h-Eileanan Siar agus Comhairle na Gàidhealtachd air aon de na ciad sgìrean a th' air toraidhean fhoillseachadh, agus bidh làn-chunntas againn air sin ann am prògram an taghaidh.

An Ucràin

Am measg naidheachdan eile, thuirt an Ungair gum bhòt iad an aghaidh phlanaichean a' Choimisein Eòrpaich airson casg air ola Ruiseanach ro dheireadh na bliadhna. Thuirt Prìomhaire na h-Ungaire, Viktor Orban, gun dèanadh am plana sgrios air meadhan na h-Eòrpa, agus thug e rabhadh dhan Bhruiseil gun cur às dhan t-seasamh aonaichte an aghaidh na Ruis le bhith a' feuchainn ris na planaichean a phutadh troimhe.

Tha na Dùthchannan Aonaichte a' feuchainn ri tuilleadh de na sìobhaltaich a thoirt a-mach à baile Mariupol ann an ceann a deas na h-Ucràin, a dh'aindeoin ionnsaighean Ruiseanach. Tha e coltach gu bheil 200 sìobhaltach fhathast a' gabhail fasgaidh ann an ionad-stàilinn Azovstal còmhla ris na tha air fhàgail de na saighdearan Ucràinianach.

Donnie Màrtainn

Tha poilis ag iarraidh fiosrachaidh no dealbhan dashcam an dèidh tubaist-rathaid anns an Eilean Sgitheanach an-dè anns an deach fireannach a mharbhadh. B' esan Donnie Màrtainn, a bha 65 bliadhna de dh'aois, agus air an robh mòran eòlach tro cheanglaichean ri Cluba Camanachd an Eilein Sgitheanaich, agus obair aig Buidheann Taigheadais Loch Aillse agus an Eilein Sgitheanaich. Thachair an tubaist air a' phrìomh rathad tron eilean, an A87, beagan tuath air Port Rìgh goirid an dèidh 3:00f an-dè.

Ionad-ola

Chuir Poileas Alba còrr is 30 duine an grèim an dèidh togail-fianais aig ionad-ola ann am Bruach Chluaidh. Dhùin an luchd-iomairt on bhuidhinn Just Stop Oil, an rathad gu ionad-ola Nustar tràth sa mhadainn Dimàirt, agus mhair an iomairt còrr is dà là.