
Chaidh fear a dh'èignich grunn bhoireannach ann an ceann a tuath na h-Alba a chur dhan phrìosan airson 10 bliadhna.
Chaidh a ràdh gun robh Sean Hartley, 34, "na chunnart do bhoireannaich".
Dh'aidich e gun do dh'èignich e triùir bhoireannach agus gun robh e ri ionnsaighean agus dochann san dachaigh air Ghàidhealtachd agus ann am Moireibh airson còrr air 15 bliadhna.
Cha robh an tè a b' òige a dh'èignich e ach 15 nuair a thug e ionnsaigh oirre ann am Farrais ann an 2005. Bha Hartley fhèin 17.
Aig an Àrd Chùirt ann an Sruighlea, thuirt am Morair Mulholland gur e duine "fòirneartach" a bh' ann an Hartley.
Bha e ri eucoir ann an grunn àiteachan, mar Inbhir Nis, Cùl Lodair, Eilginn agus Inbhir Narann thairis air 15 bliadhna chun Dùbhlachd 2019.
Bha Hartley air aideachadh gun robh e ciontach roimhe aig an Àrd Chùirt an Inbhir Nis.
Thuirt am fear-lagha a bha a' dìon Hartley gun robh trioblaid an dèidh a bhith aige le deoch is drugaichean.
A bharrachd air 10 bliadhna prìosain, chuir am Morair Mulholland binn sgaoilte ceithir bliadhna air Hartley.