Taic do dh'amaladh trì cholaistean

  • Air fhoillseachadh
Ionnsachadh air-loidhneTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha ionnsachadh air-loidhne na phàirt chudromach de dh'obair UHI.

Chuir a' mhòr-chuid de dhaoine taic ri plana airson trì colaistean a tha mar phàirt de dh'Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a thoirt còmhla sa chiad chuairt de cho-chomhairle air a' chùis.

Fo na planaichean, bhiodh UHI Innse Gall, UHI na Gàidhealtachd an Iar, agus UHI na Gaidhealtachd a Tuath còmhla mar aon bhuidhinn san oilthigh bhon ath-bhliadhna.

Thèid na tha air nochdadh aig an ìre seo a chur gu bùird stiùiridh gach colaiste airson aontachadh.

Tha na colaistean den bheachd, leis gu bheil iad gu math faisg air a chèile, gun neartaicheadh iad an suidheachadh nan tigeadh iad còmhla gus barrachd a dhèanamh leis na goireasan a th' aca.

Tha iad cuideachd a' faicinn gun gabhadh sàbhalaidhean a dhèanamh.

Bha 68% de na daoine a fhreagair a' chiad co-chomhairle taiceil do na planaichean.

Nan deadh na planaichean aontachadh dheadh co-chomhairle eile a chumail air na planaichean le co-dhùnadh deireannach a dhìth bho Riaghaltas na h-Alba.