Eilean Stafaigh ga dhùnadh do luchd-turais

  • Air fhoillseachadh
An Uamh Bhinn ann an StafaighTùs an deilbh, Getty Images

Bidh Eilean Stafaigh dùinte do luchd-turais bho dheireadh an t-Samhraidh seo airson 's gun tèid obair-càraidh a dhèanamh agus bun-structar ùr a chur ann.

Tha Urras Nàiseanta na h-Alba an ceann obrach luach £1.6m airson staidhre chloiche a tha ag èirigh bhon chladach a chàradh, an laimrig a leudachadh gus am bi e nas sàbhailte agus ceuman a leasachadh air uachdar an eilein.

Tha an t-eilean cudromach a thaobh na tha de dh'eòin a' neadachadh ann, agus bidh e a' tàladh mòran luchd-turais tron t-seusan.

Le sin chan eil ach cothrom beag aig an Urras an obair a dhèanamh mus fàg droch shìde a' Gheamhraidh do-dhèante i.

Thèid an obair a dhèanamh bho mheadhan an Lùnastail gu ruige deireadh na Sultaine, agus cuideachd as t-Earrach an ath-bhliadhna.

"Bidh suas ri 100,000 duine a' tadhal air Stafaigh a h-uile bliadhna," thuirt Will Boyd-Wallis bhon Urras.

"'S e na tha sinn a' feuchainn ri dhèanamh ach dèanamh cinnteach gu bheil am bun-structar a' toirt cuideachaidh dhaibh-san.

"Agus cuideachd tha an laimrig caran air a cuingealachadh. Tha i cumhang.

"Tha sinn a' coimhead ri a dèanamh nas leatha aig a' cheann shuas, 's fàgaidh sin gum bi barrachd rùim ann do dhaoine a' dol air bòrd 's a' dol air tìr.

"A thuilleadh air sin tha sinn cuideachd a' dèanamh obair air ceuman air uachdar an eilein airson stad a chur air a' chrìonadh a tha casan an luchd-turais ag adhbharachadh nuair a thèid iad a-mach a dh'fhaicinn nam puthagan," thuirt e.