Plana 'son barrachd de phost nan eilean a lìbhreagadh le dròna

  • Air fhoillseachadh
DrònTùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

Dh'fhaodadh an teicenòlas piseach a thoirt air seirbheisean puist ann an sgìrean dùthchail agus eileanach

Dh'innis am Post Rìoghail gu bheil iad am beachd barrachd dhrònaichean a chleachdadh airson parsailean is litrichean a lìbhreagadh le bhith a' cruthachadh 50 slighe do dhrònaichean puist thairis air an ath thrì bliadhna.

Tha iad ag obair ann an co-bhuinn leis a' chompanaidh dròna, Windracers, agus ma 's e agus gum faigh iad cead bho Ùghdarras Phlèanaichean Bhreatainn thuirt iad gun tèid aca air seirbheis nas fheàrr a thoirt do choimhearsnachdan iomallach.

Bidh cleachdadh dhrònaichean cuideachd a' ciallachadh gun tig lùghdachadh air na bhios am Post Rìoghail a' sgaoileadh de chàrbon a bharachd air seirbheis nas luaithe agus nas cinntiche a thoirt seachad.

Tha am post an-dràsta ga ghiùlain air bàtaichean-aiseig agus itealain àbhaisteach, seirbheis air am bi droch shìde a' toirt buaidh gu math tric.

Làraidh agus dròna a' Phuist RìoghailTùs an deilbh, Royal Mail/PA Wire

'S ann ann an Innse Gall, Sealtainn, Arcaibh agus na h-Eileanan Scilly a bhios an t-seirbheis ùr an toiseach.

Thuirt am Post Rìoghail gun robh iad ag amas air 200 dròna a chleachdadh thairis air an ath thrì bliadhna, agus iad an dòchas gum bi 500 dhiubh aca fhathast, a bhios a' lìbhreagadh stuth dhan a h-uile ceàrnaidh den Rìoghachd Aonaichte.

Rinn a' bhuidheann ceithir deuchainnean le drònaichean sna 18 mìosan a dh'fhalbh ann am Muile, na h-Eileanan Scilly agus ann an Sealtainn agus Arcaibh.

Rinn iad deuchainn airson na seirbheis ùire eadar Port-Adhair Tingwall ann an Lèiruig agus Unst a tha 50 mìle air falbh a' cleachdadh dròna mhòir le dà einnsean.

Post
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh deuchainnean a dhèanamh eadar Circeabhal agus Ronaldsay a Tuath

Faodaidh na drònaichean a chaidh a chleachdadh sna deuchainnean 100cg de phost a ghiùlain air dà sheirbheis air ais agus air adhart gach là eadar na h-eileanan, agus bi posta air tìr an uair sin a' toirt nam parsailean agus nan litrichean gu daoine.

Thuirt Àrd-Oifigear a' Phuist Rìoghail, Sim MacThòmais: "Chan eil e gu diofar dè seòrsa sìde a th' ann neo càite bheil daoine a' fuireach 's e an t-amas againn am post fhaighinn thuca san ùine a bu chòir.

"Ged a tha sinn a' faighinn dhan a h-uile àite, tha an ìre as ìsle aig lìbhrigeadh gach parsail againn de dh'eimiseanan CO2.

"Bidh an iomairt seo a' fàgail gun tèid againn air na tha sinn a' sgaoileadh de ghasaichean millteach a lùghdachadh buileach."