Naidheachdan 11:00m

Thuirt arm na h-Ucràin gur e gaisgich a th' anns na saighdearan a chaidh a shaoradh an dèidh còrr 's dà mhìos glaiste san ionad stàilainn ann am Mariupol fo ionnsaigh Ruiseanach. Fhuair 260 saighdear a-mach às an togalach. Tha oidhirp ann a-niste air cobhair a dhèanamh air an fheadhainn a tha air fhàgail ann fhathast.

Bha pàigheadh a' sìor thuiteam air dheireadh air an atmhorachd eadar am Faoilleach agus am Màrt. Thuirt Oifis nan Staitistig Nàiseanta gun do thuit tuarasdal 1.2% mu choinneimh na h-atmhorachd, an ìre as motha bho 2013. Ach aig an dearbh àm bha cion de chosnaidh sìos 3.7% air a' chiad trì mìosan den bhliadhna, gu an ìre as lugha bho chionn faisg air leth-cheud bliadhna.

Tha an Caibineat a' coinneachadh an-dràsta a dheasbad plana airson atharrachadh air na riaghailtean malairt eadar Breatainn agus Èirinn a Tuath. Bheir Rùnaire nan Cùisean Cèin, Liz Truss, fiosrachadh do Thaigh nan Cumantan feasgar. Thuirt Rùnaire Èirinn a Tuath, Brandon Lewis, nach bi an riaghaltas idir leisg air na riaghailtean atharrachadh ma bhios sin a dhÌth.

Tha a' chompanaidh, Drax, dham buin an stèisean cumhachd haidro mòr ann am Beinn Cruachan ann an Earra-Ghaidheal ag iarraidh cead a dhùblachadh. Nam faigheadh iad cead-dealbhachaidh bheireadh iad 2m tunna de chreig a-mach à broinn na beinne. Tha Drax cuideachd ag iarraidh atharrachadh san t-siostam subsadaidh airson an t-seòrsa dealain a tha iad a' dèanamh aig Beinn Cruachan.

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' coinneachadh an-dràsta airson ceannard agus neach-gairm ùr a thaghadh. 'S iad dithis ùr a bhios anns na dreuchdan sin agus an fheadhainn a bh' ann roimhe air seasamh sìos. Bidh iad cuideachd a' cur cathraiche air gach comataidh.

Tha polais sa Spàinn den bheachd gum bi 150,000 luchd-taic ball-coise ann an Seville a-màireach airson cuairt dheireannach Lìg Europa. Tha e coltach gum bi a dhà uimhir de luchd-taic Rangers ann agus a bhios aig Eintracht Frankfurt. Thuirt oifigich aig coinneimh-naidheachd sa mhadainn an-diugh gu bheil trèanaichean à Madrid agus Malaga gu ruige Seville làn agus gu bheil dùil ri sin a-rithist a-màireach.