Gearanan mu dhìth thagsaidhean do chiorramaich

  • Air fhoillseachadh
TagsiTùs an deilbh, Getty Images

Nochd gearanan nach eil gu leòr thagsaidhean a tha freagarrach do chiorramaich air a' Ghàidhealtachd.

Thuirt buidhean charthannas gu bheil an suidheachadh ann an Inbhir Nis "nàir", is na beagan thagsaidhean a ghabhas cathraichean-cuibhle gan cleachdadh airson clann-sgoile le feumalachdan sònraichte gu math thric.

Tha iad ag ràdh gum bu chòir do phrìomh bhaile na Gàidhealtachd a bhith a cheart cho goireasach do dhaoine ciorramach ri bailtean mòra eile.

Dh'innis Catherine Aitkin, a tha a' cur feum air cathair-chuibhle, gu bheil eagal oirre a bhith a' dol a-mach gu dìnnear neo eile às dèidh nan trioblaidean a bh' aice roimhe.

"Chuir mi air dòigh tagsi deich là ro-làimh ach nuair a thàinig an là cha do nochd e. Air a' cheann thall phut caraid dhachaigh mi às an taigh-bìdh.

"Mura b' e sin bhithinn air a bhith stuicte ann am meadhan Inbhir Nis", thuirt i.

Cus

Tha an Comh. Anndra Jarvie san dearbh shuidheachadh. Thuirt e nach bi e a-nise a' dòl a-mach le caraidean air an oidhche gun fhios nach bi trioblaid aige faighinn dhachaigh.

"Fiù 's nuair a gheibh thu tagsi feumaidh tu mìneachadh do chuideigin mar a bhios iad a' toirt cathair-chuibhle às a chèile is a stòradh.

"'S e cus a th' ann uile gu lèir. Air a' cheann thall sguir mi a bhith a' dol a-mach sa bhaile", thuirt e.

Thuirt an Comh. Jarvie nach eil roghainn ann busaichean a chleachadh an aìte thagsaidhean nas motha is e ag ràdh nach eil an t-seirbheis aig ìre.

Tha carthannas ann an Inbhir Nis, Partnerships for Wellbeing, a' feuchainn ri piseach a thoirt air an t-suidheachadh, ach chan urrainn dhaibh tagsaidhean a chur air dòigh do dhaoine ach tròn là, Diluain gu Dihaoine.

Thuirt iad gu bheil iad mothachail gu bheil daoine feumach air cuideachadh taobh a-muigh nan àmanan sin.

Iarrtas

"Fhuair sinn taic-airgid gus càr le àite sònraichte 'son chathair-chuibhle a cheannach", dh'innis Jeff Zycinski bhon bhuidhinn.

"Cheannaich sinn e bho fhear a bha a' draibheadh tagsi. Nuair a fhuair daoine a-mach mu dheidhinn bha am fòn a' dol gun sguir is ciorramaich ag innse dhuinn gun robh iad 'son a chleachdadh", thuirt e.

Tha Partnerships for Wellbeing ag ràdh gu bheil goireasan gu math nas fheàrr ann am pàirtean eile de dh'Alba, is iad ag ràdh gu bheil cruaidh fheum air gnothaichean a leasachadh aig tuath.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil e an urra ri companaidhean tagsaidh co-dhùnadh cuin a bhios iad ag obair agus nach urrainn dhaibhsan dèanamh cinnteach gum bi tagsaidhean freagarrach ri fhaighinn nuair a tha daoine gan iarraidh.

Thuirt tè de na companaidhean fhèin, Inverness City Taxis, gu bheil an aon tagsaidh freagarrach acasan ga chleachdadh airson chùmhnantan, agus nach eil gin de na draibhearan aca airson tagsaidh nas mòtha a cheannach air sgàth nan còsgaisean a bharrachd a bhiodh na lùib.