Sluagh na Comraich mì-thoilichte mu rathaidean na sgìre
Tha an rathad àrd cumhang chun na Comraich cho dona 's gu bheil e cunnartach.
Sin gearain a tha a' dol gu Comhairle na Gàidhealtachd agus fada a bharrachd dhaoine a' siubhal air Bealach na Bà seach gu bheil e mar phàirt dhen NC500.
Tha leasachadh a dhìth air mus tèid e càil nas miosa - a-rèir sluagh na sgìre fhèin.
Tha an aithris seo aig Shona Nic a' Phiocair.