
Chaidh teicneòlas a bhios a' cumail sùil air mar a bhios ròin agus mamailean mara eile a' dèiligeadh ri tuirbinnean dealain sa mhuir a chur an sàs far Thaigh Iain Ghròta.
'S iad sgioba bho Oilthigh Chill Rìmhinn, taobh a-muigh a tha air cùl an rannsachaidh is iad ag obair còmhla ri pròiseact MeyGen sa Chaol Arcach.
Tha iad ag ràdh gu bheil iad a' coimhead ri cothromachadh a dhèanamh air mar a thèid beathaichean mara a dhìon agus cumhachd-ath-nuadhachail a leasachadh.
Eadar-nàiseanta
Cruthaichidh innealan Sònar dealbhan air far a bheil ròin, fhad 's a chlàras mìcrophonaichean fon t-sàil fuaimean leumadairean agus pheileagan faisg air na tuirbinnean.
Tha Riaghaltas na h-Alba am measg na tha air taic-airgid a thoirt seachad.
Thuirt an luchd-rannsachaidh gu bheil dùil aca gun dèan buidhnean air feadh an t-saoghil feum den obair aca air a' cheann thall.