Naidheachdan 11:00m

Aiseagan

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh air Caledonian Mac a' Bhriuthainn an soitheach catamaran am Pentalina fhastadh airson ùine fhad 's a tha briseadh ann an seirbheisean nan Eilean Siar. Thuirt Còmhdhail Alba an-diugh gur e sin aon fhuasgladh air a bheil iad a' cumail sùil. Tha a dhà de phrìomh bhàtaichean CalMac san doca airson càradh - an Hebrides a bhuail sa chidhe an Loch nam Madadh a' bhòn-raoir, agus an Lord of the Isles a chaidh a thoirt air falbh Dimàirt. Tha CalMac a' tabhann leisgeul airson sin agus air bàtaichean eile a ghluasad. Dh'fhàg an Hebridean Isles slighe Ìle 'son a dhol eadar Ùige 's Loch nam Madadh. Cha bhi seòlaidhean idir eadar an Tairbeart agus Ùige airson seachdain. Thèid an trafaig an sin a chur eadar Steòrnabhagh agus Ulapul. Agus bidh clàr-ama ùr air Caolas Bharraigh airson cothrom a thoirt do mhuinntir Uibhist a Deas, aig nach bi seirbheis eadar Loch Baghasdail 's an t-Òban gus an till an Lord of the Isles an ath-sheachdain.

Scotrail

Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach biodh e ceart dhaibhsan bruidhinn dìreach ri Aslef, aonadh nan dràibhearan trèana, mun èiginn aig Scotrail. Chaidh na seirbheisean trèana a chur fo smachd na Stàite air a' mhìos a chaidh, le Scotrail os an cionn às leth Riaghaltas na h-Alba. Tha Scotrail a' dol gu clàr-ama èiginneach Diluain agus a' gearradh an treas cuid de na seirbheisean aca agus trioblaid ann le cion dhràibhearan a bharrachd air àimhreit mu phàigheadh nan dràibhearan.

Na Bùthannan

Chaidh barrachd na bha dùil de stuthan a reic ann am bùthannan na Rìoghachd Aonaichte sa Ghiblean. Bha sin suas 1.4% agus àrdachadh sna chaidh a reic de dheoch-làidir agus tombaca a' cur ri sin. Ach tha Oifis nan Staitistig Nàiseanta ag ràdh gu bheil cosgaisean bith-beò a' toirt buaidh air an ùine fhada, agus na chaidh a reic sìos 0.3% sna trì mìosan aig toiseach na bliadhna seach an aon àm an-uiridh.

An Ucràin

Thuirt oifigich Ucràinianach gu bheil an Ruis a' neartachadh na h-ionnsaigh air sgìre an Donbas air taobh sear na dùthcha le rocaidean agus sligean ag amas air na feachdan Ucràinianach a tha a' cur dìon air baile Donetsk. Thuirt an Ceann-suidhe Zelensky gu bheil sgìre an Donbas air a sgrios.

Dùn Phàrlain

Tha Dùn Phàrlain am measg ochd àiteachan a tha a' faighinn inbhe cathair-bhaile mar phàirt de Iùbalaidh Platinum na Bànrighinn. 'S tha baile ann an tìr chèin a' faighinn sin airson a' chiad uair - Stanley sna h-Eileanan Fàclannach. 'S e Doolish an Eilean Mhanainn, Bangor, Wrexham, Colchester, Doncaster agus Milton Keynes an fheadhainn eile.