Mèirle faisg air a' Ghearasdan ga rannsachadh

  • Air fhoillseachadh
Baidhseagan-beinneTùs an deilbh, Paul Campbell

Dh'iarr na poilis fiosrachadh às dèidh mar a chaidh baidhseagalan agus uidheamachd luach £70,000 a ghoid faisg air a' Ghearasdan.

Bha an stuth le feadhainn a bha an-sàs ann an rèis mhòr baidhseagalan-beinne aig an Aonach Mhòr.

Chaidh falbh leis na baidhseagalan agus uidheamachd eadar oidhche Haoine agus madainn Disathairne, agus thuirt na poilis gun deach cron a dhèanamh air carbadan cuideachd.

B' e a' chiad uair ann an dà bhliadhna a bha rèis ann an Cupa na Cruinne nam baidhseagalan-beinne sa Ghearasdan.