
Chaidh smachdairean-bhiastagan a ghairm gu Bun-sgoil a' Chrùin an Inbhir Nis is trioblaid aca le cnuimhean.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun deach clann a ghluasad às na h-àitichean far an robh na creutairean.
Chaidh innse dhan BhBC gun do chuir e uabhas air a' chloinn aig an sgoil nuair a thòisich cnuimhean a' tuiteam air na deascaichean aca bho mhullach sheòmar-teagaisg.
Thathas a' tuigse gun tug an trioblaid buaidh air barrachd air aon rùm.
Chaidh na sgoilearan a ghluasad gus nach dèanadh an suidheachadh cron air an cuid foghlaim, a rèir an ùghdarrais ionadail.
Thuirt neach-labhairt gun deach mothachadh dha na cnuimhean Dimàirt agus gun deach smachdairean-bhiastagan a chur an sàs gus dèiligeadh ris a' chùis.