
Thèid buidheann a stèidheachadh ann an Steòrnabhagh anns am bi diofar bhuidhnean poblach agus a' choimhearsnachd ag obair còmhla 'son feuchainn ri dèiligeadh ri trioblaid le òigridh a tha ri dol a-mach mì-shòisealta.
Bha mu 50 duine aig coinneimh phoblaich a chuir Comhairle Coimhearsnachd Steòrnabhaigh air dòigh oidhche Chiadain a dheasbad na cùise.
Bha sin an dèidh do mu 2,000 duine an ainm a chur ri athchuing 's iad ag iarraidh gun deadh dèiligeadh ris an trioblaid.
Chuala a' choinneamh gur e fìor bheag-chuid de dh'òigridh a' bhaile a th' air a bhith ri buaireadh, ach gun robh e a' toirt buaidh mhòir air daoine.
Dìon Cloinne
Tha gearainnean air a bhith ann o chionn ùine mu dhaoine òga a' maoidheadh 's a' bagairt air daoine, 's gun deach milleadh a dhèanamh.
"Saoilidh mi gu bheil e gu math cudromach a dhèanamh soilleir gur ann dhan choimhearsnachd a tha seo a' buntainn," thuirt Iar-Chathraiche na Comhairle Coimhearsnachd, Katie Laing.
"'S gum feum sinn uile beagan den uallach a ghabhail air a shon, 's gnothach a ghabhail ri bhith a' leasachadh an t-suidheachaidh.
"Chan ann mu bhith a' coireachadh no a' toirt ionnsaigh air buidhinn sam bith a tha e, ach taic a thoirt dhan a h-uile duine.
"'S e gnothach a th' ann a tha a' buntainnn ri dìon chloinne cuideachd.
"Tha sinn dìreach an dòchas gun tèid againn uile air obrachadh còmhla 's suidheachadh nas fheàrr a chruthachadh ann an Steòrnabhagh," thuirt i.
Tha na Poilis cuideachd gu bhith a' gabhail pàirt anns a' bhuidhinn ùir.
Aig a' choinneimh, dh'aidich an t-Àrd-Inspeactair Alasdair MacLeòid gun do chuir e uabhas air-san nuair a chunnaic e fianais air dol a-mach nan òganach.
Ged a ghabh e ris gu bheil daoine air fulang air an sgàth thuirt e gum feumar cuimhneachadh aig a' cheart àm gur e clann a th' annta 's gur e ceist dìon chloinne a th' ann cuideachd.
101
"Chunnacas an seo a-nochd a' bhuaidh a th' aig na h-eucoirean seo air daoine agus air a' choimhearsnachd, ged is iad clann a rinn iad," thuirt an t-Àrd-Inspeactair MacLeòid.
"Feumaidh sinn sin aithneachadh, agus dèiligeadh ris.
"Bhruidhinn sinn mu dheidhinn ceartais chàraidh, 's saoilidh mi gum faodamaid sin a chleachdadh ann an dòigh nas cruthaicheile - gach cuid na Poilis agus na compàirtichean againn an seo - a bheir air daoine òga a th' air a bhith an sàs ann an dol a-mach mì-shoisealta a' bhuaidh a th' aige sin air càch agus air a' choimhearsnachd aithneachadh," thuirt e.
Chuala an t-Àrd-Inspeactair gearainnean bho dhaoine aig a' choinneimh mu loidhne-fòna 101 nam Poileas, 's cho fada 's a bha e a' toirt bruidhinn ri oifigear chun na h-ìre 's nach bi cuid a' bodraigeadh leis idir.
Chuala a' choinneamh cuideachd gu bheil na tha de dh'eucoir am measg òigridh na h-Alba san fharsainneachd air tuiteam gu mòr, 's gu bheil àireamhan gu math ìosail anns na h-Eileanan an Iar an taca ri sgìrean eile.
Nochd cuideigin beachd gur dòcha gur e as coireach ri sin ge-tà, gu bheil tàire air daoine a' feuchainn ri grèim fhaighinn air na Poilis airson innse dhaibh.
Dh'iarr an t-Àrd-Inspeactair MacLeòid air daoine ge-tà, innse dha na Poilis ma thèid eucoir a dhèanamh, oir bha e cudromach, thuirt e, gum bi cùisean air an clàradh.