
Chumar an taghadh ionadail na bu thràithe air a' mhìos. Bha dà sgìre ann far nach robh tagraichean gu leòr.
Tha deichnear thagraichean air iad fhèin a chur air adhart airson dà fo-thaghadh anns na h-Eileanan an Iar.
Tha dùil aig seachdnar seasamh ann an Sgìre Ùige is Càrlabhagh, le triùir a' seasamh ann am Barraigh is Bhatarsaigh.
Feumaidh na fo-thaghaidhean a bhith air an cumail leis nach do sheas ach aon neach anns gach sgìre sna taghaidhean ionadail aig toiseach na mìos.
Tha còir aig dithis chomhairlichean a bhith san dà àite.
Bidh an dà fo-thaghadh ann air an 30mh den Ògmhios airson na beàrnan sin a lìonadh.
Ann am Barraigh agus Bhatarsaigh tha Gerrard Dòmhnallach, à Eòlaigearraidh, a' seasamh còmhla ri dithis à Uibhist a Deas a bha nan comhairlaichean roimhe, Calum Mac a' Mhaoilein agus Iain Archie MacNèill.
Ann an Ùig' agus Càrlabhagh thathas air a dhol bho aon neach a' seasamh aig toiseach na mìos gu seachdnar gan cur fhèin air adhart.
Tha ceathrar de na tagraichean neo-eisimeileach. 'S iad sin Sophie Nic'IlleDhuinn, Iain Iòseph MacFhionghain, Tormod "Misty" Dòmhnallach agus Dòmhnall Iain MacLeòid.
Tha an triùir eile fo bhratach phàrtaidh le Jamie Dobson a' riochdachadh nan Libearalach Deamocratach, Anne Edwards bhon Phàrtaidh Uaine agus Laura Cameron-Lewis bhon SNP.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh17 An Cèitean 2022
