Duine air bàsachadh ann an tubaist rathaid

  • Air fhoillseachadh
Oifigearan poilis

Bhàsaidh draibhear, 74 bliadhna a dh' aois, ann an tubaist air an A938 faisg air Drochaid Chàrr air Ghàidhealtachd feasgar Diardaoin.

Thugar boireannach, 73 bliadhna a dh' aios, a bha sa chàr còmhla ris gu Ospadal an Rathaig Mhòir 's i air a goirteachadh gu dona.

Cha robh ach aona charbad san tubaist.

Thachair an tubaist mu 05:40f agus bha an rathad dùinte mu chòig uairean a thìde fhad 's a bha na poilis a' rannsachadh na thachair.