Deasbad mu mhaitheanasan eachdraidheil
Am bu chòir maitheanas a thoirt is leisgeul a thabhainn airson rudan a rinn ar sinnsearan?
Tha cuid air a bhith a' deasbad na ceist sin a-rithist is Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba air leisgeul a thabhainn airson 's mar a dhìt an Eaglais boireannaich o shean a bha fo chasaid a bhith nam bana-bhuidsichean.
Tha iomairt nàiseanta a' dol cuideachd airson maitheanas laghail fhaighinn do leithid de bhoireannaich.
Ach tha an dòigh sin air dèiligeadh le eachdraidh connspaideach, mar a tha Calum MacLeòid ag aithris.