Leum an Fhrangaich an Coille Chnagaidh

  • Air fhoillseachadh
Bungee

Feuchaidh fear às an Fhraing ris an àireamh as motha riamh san t-saoghal de leumannan bungee a dhèanamh ann an Siorrachd Pheairt Dimàirt.

Tha Francois-Marie Dibon, 44, ag amas air barrachd na 430 leum a dhèanamh ann an 24 uairean.

Dh'innis e gun robh an t-eagal air a bhith aig àirde nuair a bha e na bhalach.

'S e fear à New Zealand, Mike Heard, a stèidhich an clàr a th' ann aig Drochaid Acarsaid Auckland ann an 2017.

200 diog

Airson a' chùis a dhèanamh air, bidh aig Mgr Dibon ri leum a dhèanamh a h-uile 200 diog bho Dhrochaid Gharadh faisg air Coille Chnagaidh.

Stèidhich fear à Èirisgeigh clàr aig an dearbh àite bho chionn deich bliadhna.

Fhuair Seonaidh Dòmhnallach tiotal an duine is sine a th' air leum bungee a dhèanamh ann an Alba nuair a leum bho Dhrochaid Gharadh ann an 2012.

Bha e 80 aig an àm.

Tòisichidh oidhirp Mhgr Dibon aig 10.00m Dimàirt.