
Tha obair air tòiseachadh gus seirbheisean bann-leathainn nas luaithe agus nas seasmhaiche a thoirt gu cuid de dh' Eileanan na h-Alba.
Thèid càballan ùra fon mhuir a chur an-sàs airson ceangalaichean nas fheàrr a thoirt do choimhearsnachdan eileanach.
Tha obair air tòiseachadh ann an Sealtainn mar-thà air a' chiad fhear de 16 càballan ùra mar phàirt de phròiseact gus bann-leathann nas luaithe a thoirt gu Alba air fad.
Thèid ceangal a dhèanamh le togalaichean air 15 eileanan - nam measg feadhainn ann an Earra Ghàidheal, sgìre na Gàidhealtachd, Arcaibh agus Sealtainn - gus am bi e nas luaithe do dhaoine stuth a luchdadh a-nuas.
Tha e coltach gum faigh coimhearsnachdan ann an Colbhsaigh, Eilean Ì, Lios Mòr agus Eige buannachd cuideachd.
Thuirt Rùnaire an Ionmhais, Ceit Fhoirbeis, gun cuir seo ri seasmhachd nan seirbheisean a' dol air adhart agus gum bi e nas fhasa do dh'eileanaich obrachadh anns na sgìrean aca fhèin agus seirbheisean air loidhne a chleachdadh.