Naidheachdan 10:00m
An Iùbailidh
Thèid seirbheis thaingealachd a chomharrachadh Iùbailidh Platinum na Bàn-righinn a chumail ann an Cathair-Eaglais an Naoimh Pòl ann an Lunnainn anns a' mhadainn ged nach bi a' Bhàn-rìgh fhèin an làthair. Thuirt Lùchairt Bhuckingham gun tug tachartasan an là an-dè buaidh oirre. 'S e am Prionnsa Teàrlach a bhios ga riochdachadh. 'S e Àrd-Easbaig Iòrc, Stephen Cottrell, a bhios an ceann na seirbheis, an dèidh do dh'Àrd-Easbaig Chanterbury, Justin Welby, dearbhadh fhaighinn gu bheil Covid air.
Am measg thachartasan an Iùbailidh Phlatinum a bhios air an deireadh-sheachdain ann an Alba, tha ath-chruthachadh de chrùnadh na Bàn-righinn ann an Cealasach, cuirm-cnuic ann an Gàrraidhean a' Phrionnsa ann an Dùn Èideann, agus seirbheis thaingealachd ann an Cathair-Eaglais Ghlaschu Là na Sàbaid.
Gunnaichean
Tha an Ceann-Suidhe Biden ag iarraidh air Còmhdhail nan Stàitean Aonaichte casg a chur air gunnaichean ionnsaigh, agus laghan ghunnaichean a theannachadh. Tha seo an dèidh sreath ionnsaighean mairbhteach le gunna air a' mhìos a chaidh - nam measg na thachair aig bun-sgoil ann an Teagsas far an deach 19 sgoilearan agus dithis thidsearan a mharbhadh.
An Ucràin
Tha Comataidh Eadar-nàiseanta na Croise Deirge ag ràdh nach gabh tuigsinn an sgrios a rinneadh anns an Ucràin agus buaidh ionnsaigh na Ruis air an t-sluagh. Chuir iad a-mach brath agus 100 là ann on a thòisich an cogadh.
Bann-leathann
Thòisich an obair airson bann-leathann nas luaithe agus nas seasmhaiche a thoirt dha na mìltean de dh'eileanaich ann an Alba. Bidh 15 eileanan eadar Sealtainn agus agus Earra-Ghàidheal a' faighinn an teicneòlais. Tha dùil gum bi an earrann seo den obair deiseil ron t-Sultain.