Eileanaich ag iarraidh seirbheis adhair nas fheàrr

  • Air fhoillseachadh
CollaTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha muinntir Cholla am measg nan coimhearsnachdan eileanach an Earra-Ghàidheal a tha ag iarraidh seirbheisean adhair a leasachadh

Dh'iarr muinntir Cholla, Thiriodh, Cholbhasa agus Ìle gum faigh iad seirbheis adhair le fòcas air feumalachdan nan eilean.

Seo a thàinig am bàrr ann an conaltradh poblach a rinn Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid mun t-seirbheis adhair às an Òban do na h-eileanan.

Bidh an cùmhnant airson Seirbheis Adhair a' Chost an Iar gu Colla, Tiriodh, Colbhasa agus Ìle ga ùrachadh am bliadhna, agus tha na h-eileanaich airson 's gun tèid a leudachadh gu h-àraid seach gu bheil mòran air earbsa a chall sna seirbheisean aiseig.

Tha an t-seirbheis gu sònraichte cudromach do Cholla agus Colbhasa leis gum bi clann a' dol air a' phlèana gu Àrd-Sgoil an Òbain aig toiseach na seachdainn agus a' tilleadh dhachaigh air an deireadh-sheachdain.

Raon-laighe ChollaTùs an deilbh, Geograph
Fo-thiotal an deilbh,

Raon-laighe Eilean Cholla

Tha Curstaidh NicPhàrlain bho Chomhairle Coimhearsnachd Eilean Cholla ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh gun lean an t-seirbheis agus gun tig piseach oirre a chùm math nan eileanach.

"Aig an àm seo far a bheil staing ann leis an t-seirbheis aiseig tha an t-seirbheis adhair fada nas cudromaiche. Uair sam bith nach eil bàt-aiseig ann tha teansa gum faigh plèana a-staigh.

"Tha faireachdainn ann gu bheil sinn airson ceanglaichean nas fheàrr a dhèanamh le na coimhearsnachdan agus na h-eileanan a tha mun cuairt oirnn agus tha sinn airson leudachadh fhaicinn air an t-seirbheis adhair.

"Cosgaidh e nas motha de dh'airgead, tha sinn a' tuigsinn sin, ach aig deireadh an là nì e beatha nan eileanach nas seasmhaiche.

"Tha sinn a' smaoineachadh sna h-eileanan gum bu chòir fòcas na seirbheis fhèin a bhith air na ceanglaichean le na h-eileanan a neartachadh," thuirt Curstaidh NicPhàrlain.

Thuirt Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid: "Tha na seirbheisean adhair riatanach airson a bhith a' ceangal choimhearsnachdan eileanach le Tìr-Mòr.

"Ar taing dhan a h-uile duine a thug freagairt dhuinn sa chonaltradh phoblach. Tha sinn a' sgrùdadh nam beachdan a fhuair sinn agus thèid iad sin fhoillseachadh fhathast."