Na Poilis a' sgrùdadh dà dhroch thubaist-rathaid

  • Air fhoillseachadh
Soidhne nam Poileas mu thubaist

Tha Poileas Alba a' sireadh fiosrachaidh an dèidh dà dhroch thubaist-rathaid air an deireadh-sheachdain.

Chaill fireannach, 27, a bheatha an dèidh tubaist air an rathad eadar Dalais agus Cnoc Ceannachd ann am Moireibh mu 08.30m Disathairne.

San dàrna tubaist chaidh triùir a thoirt chun an ospadail às dèidh do dhà charbad bualadh na chèile air an A96 faisg air Inbhir Narann.

Thachair an tubaist mu 13.10f Disathairne nuair a chaidh Ford Fiesta agus bhana-campachaidh Fiat Ducato an comhair a chèile

Chaidh dithis fhireannach, le chèile 18 bliadhna de dh'aois, a bh' anns am Fiesta, agus boireannach, 72, a bha a' siubhal sa bhana-champachaidh, a thoirt gu Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Tha Poileas Alba ag iarraidh air draibhearan le dealbhan dash-cam a thighinn a bhruidhinn riutha.