
Tha teaghlach fear à Siorrachd Iorc a Deas a chaidh à sealladh air turas campachaidh an Alba air taic a' phobaill iarraidh airson lorg fhaighinn air.
An turas mu dheireadh a chaidh Niall Skinner, 71, fhaicinn bha e a' campachadh faisg air Loch Dochart ann an sgìre Drochaid Urchaidh ann an Earra-Ghàidheal is Bòd air 8mh den Chèitean.
Tha na poilis air a bhith a-muigh a' feuchainn ri lorg fhaighinn air Mgr Skinner, a bhuineas do Dhoncaster, le taic heileacoptair, dàibhearan agus luchd-teasairginn nam beann.
Tha a theaghlach ag iarraidh air daoine sam bith a th' air fhaicinn thighinn air adhart.
Ann an teachdaireachd bhuapa a sgaoil iad tro Phoileas Alba, thuirt iad: "Mar theaghlach tha sinn troimh-chèile gu bheil ar n-athair air a bhith a dhìth cho fada agus tha sinn ag iarraidh gu mòr faighinn a-mach dè a th' air èirigh dha airson agus gun tuig sinn carson a chaidh e à sealladh gun fhios.
"Ma tha fiosrachadh aig duine sam bith mu ar n-athair a tha iad a' smaointinn a dh'fhaodadh a bhith feumail tha sinn ag iarraidh oirbh a dhol chun nam poileas."

Chaidh Mgr Skinner fhaicinn mu dheireadh 's e a' campachadh faisg air Loch Dochart air 8mh den Chèitean
Tha Mgr Skinner còig troighean agus ochd òirlich de dh'àird le falt goirid geal agus feusag bheag gheall agus le speuclairean air.
Nuair a chunnacas mu dheireadh e bha seacaid uaine agus briogais-choiseachd liath air.
Thuirt an Sairdeant Karen NicIllinnein bho Phoileas Alba: "On fhuair sinn fios gun robh Niall a dhìth, tha sinn air a bhith a' sgrudadh na sgìre agus a' bruidhinn ri daoine mar oidhirp lorg fhaighinn air.
"Chan eil Niall air bruidhinn ri a chàirdean neo a charaidean on chaidh e air chall agus bu mhath leinn bruidhinn ri daoine sam bith a dh'fhaodadh a bhith air fhaicinn neo aig a bheil fiosrachadh mu dheidhinn a dh'fhaodadh ar cuideachadh."