
Thug Sgioba Slàinte na h-Àrainneachd aig Comhairle na Gàidhealtachd rabhadh seachad mu ìre àrd de thogsain nàdarra ann am maorach ann an Loch Eiseort an iar-dheas an Eilein Sgitheanaich agus an Loch Beag agus Loch Ailleart air taobh siar Loch Abair.
Thuirt iad gum faodadh cunnart a bhith ann do shlàinte dhaoine ma dh'itheas iad maorach leithid srùbain, feusgain, eisirean agus mhuasganan bho na sgìrean sin.
Tha iad ag ràdh gum biodh e ciallach do dhaoine a' seachnadh maorach ithe bho na sgìrean gus an tig fios bhuapa gu bheil e sàbhailte a-rithist.
Thuirt iad cuideachd gu bheil e cudromach innse nach eil an cunnart a' falbh le a bhith gam bruich.
Chuir a' chomhairle cuideachd fios air companaidhean maoraich coimeirsealta anns an sgìre.