Cuairt ùr ann an Dùn Èideann
Chaidh turas coiseachd ùr a stèidheachadh ann an Dùn Èideann a tha ag innse mu na cànain a bhathas a' bruidhinn ann an Alba thar nam bliadhnaichean.
Thèid na prothaidean bho na cuairtean aig Invisible Cities a chleachdadh airson taic a thoirt do dh'fhògarraich Ugràinianach a ghluaiseas dhan a' bhaile.
Tha an aithris seo aig Eilidh NicÌomhair.