
Thuirt a' bhuidheann CrossReach gun do rinn iad call de chòrr is £750,000 a' ruith Dachaigh cùraim a' Bhugha Mhòir ann am Port Rìgh.
Dh'innis an carthannas, a tha a' ruith na dachaigh às leth Eaglais na h-Alba, gum beachdaich iad cuideachd air iarrtas ùr gus a cumail fosgailte gu deireadh na Sultaine, ach gu bheil dùbhlain mhòra mun coinneamh.
Bha CrossReach air a ràdh bho thùs gun dùnadh an dachaigh aig deireadh an Ògmhios. Ged a dh'iarr NHS na Gàidhealtachd roimhe seo a ghluasad gu deireadh na Sultaine, thuirt CrossReach gun do cho-dhùin am bòrd aca nach robh seo comasach, is mar sin chaidh aonta a ruighinn gum biodh an dachaigh fosgailte gu deireadh an Iuchair.
A' bruidhinn Diluain ge-tà, thog BP an Eilein Sgitheanaich, Iain Blackford, a' cheist às ùr is e ag ràdh gu bheil feum air barrachd ùine gus fuasgladh maireannach a lorg.
Thuirt CrossReach gu bheil àite ann airson an 13 duine a tha a' fuireach aig a' Bhugha Mhòr aig dachaigh cùraim Home Farm. Dh'innis iad gun coimhead iad a-rithist air a' cheann-là 'son dùnadh na dachaigh, ach thuirt iad gu bheil trioblaidean a thaobh staid an togalaich is luchd-obrach a' fàgail gu bheil dragh orra am biodh e comasach an goireas a chumail fosgailte seachad air an Iuchar.
Buannachd
Bha Iain Blackford cuideachd air dragh a thogail gum faodadh CrossReach buannachd fhaighinn às an dachaigh a chur bhuapa.
Thuirt Mgr Blackford gur e goireas coimhearsnachd a th' ann is gun deach am fearann a thoirt seachad bho thùs airson dachaigh-cùraim bho chionn 50 bliadhna. Thuirt e gum feumadh e a bhith ann 'son na coimhearsnachd is nach bu chòir do dhuine buannachd fhaighinn às.
A' freagairt sin, thuirt CrossReach gun tàinig call de chòrr is £750,000 orra thuige seo a' ruith dachaigh a' Bhugha Mhòir is gu bheil fios aig Mgr Blackford mun sin.
Thuirt iad nach bu chòir ceist idir a bhith ann a thaobh a bhith a' dèanamh prothaid no buannachd à ruith na seirbheis, no an togalach a reic ma 's e is gur e sin a thachras.
Dh'innis a' bhuidheann gu bheil iad air leth duilich mun troimhe-chèile a th' ann dhan luchd-còmhnaidh, an teaghlaichean agus a' choimhearsnachd san fharsaingeachd, ach gu bheil glè bheag de roghainnean aca aig an ìre seo.