Naidheachdan 11:00m

Neo-eisimeileachd

Cuiridh Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, iomairt ùr air bhonn an-diugh airson an dàrna referendum air neo-eisimeileachd. Bidh fiosrachadh aice mun sin aig coinneimh naidheachd còmhla ri Pàrtaidh Uaine na h-Alba. Tha na pàrtaidhean dùbhlanach ag ràdh gu bheil bruidhinn air referendum aig an àmn seo a' tarraing aire bho rudan gu math nas cudromaiche mar chosgaisean mòra bith-beò agus faighinn seachad air buaidh a' phandemic.

Rwanda

Thuirt Rùnaire nan Cùisean Cèine, Lizz Truss, gun seas Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an aghaidh dùbhlain laghail dha am plana airson luchd-siridh comraich a thig a Bhreatainn gu mì-laghail a chur gu ruige Rwanda. Tha dùil ri seachdnar air a' chiad phlèana a-nochd ged a tha dùil gun dèan feadhainn dhiubh sin tagradh an-diugh fhathast.

In-imrichean Mì-laghail

Thàinig 138 in-imrichean dhan Rìoghachd Aonaichte an-dè, ann an trì bàtaichean beaga a thàinig tarsainn Caolas Shasainn. Tha sin a' toirt na h-àireimh gu lèir am-bliadhna gu 10,256. Tha an àireamh gu lèir air còrr is dùblachadh seach an aon àm an-uiridh.

Tuarastal

Tha figearan ùra ag ràdh gun do thuit tuarastal anns a' chumantas, a' cur bhònas an dara taobh, mu 2.2% sna trì mìosan dhan Ghiblean. Tha sin a' gabhail a-steach buaidh na h-atmhorachd. Sin an crìonadh as motha ann an còrr is deich bliadhna a rèir Oifis nan Staitistig Nàiseanta. Agus tha an àireamh dhreuchdan falamh aig an ìre as motha riamh, agus dìth luchd-obrach ann airson an lìonadh.

Port Rìgh

Thuirt CrossReach a tha a' ruith dachaigh-cùraim a' Bhugha Mhòir ann am Port Rìgh gum beachdaich iad air a cumail fosgailte dhan t-Sultain airson 's gun tèid fuasgladh fhaighinn do dh'fheumalachdan cùraim cheann a tuath an Eilein Sgitheanaich. Tha a' bhuidheann charthannais aig Eaglais na h-Alba, a bha airson an dachaigh a dhùnadh aig deireadh na mìos, ag ràdh gun do rinn iad call de chòrr is £750,000 a' cumail na dachaigh fosgailte.