
Tha 71% de dhaoine air a' Ghàidhealtachd is anns na h-Eileanan den bheachd nach eil taigheadas gu leòr aig màl reusanta ri fhaighinn anns na sgìrean ionadail aca.
Nochd na figearan mar phàirt de rannsachadh a rinn Caidreachas Albannach nan Comann Taigheadais.
Air feadh Alba gu lèir, bha 66% de dhaoine a' creidsinn gun robh gainnead thaighean aig màl reusanta ann.
Thuirt an caidreachas gu bheil e "fìor chudromach" gum faigh comainn thaigheadais is co-chomainn barrachd taic airson dèiligeadh ris an t-suidheachadh.
Chaidh reachdas tro Phàrlamaid na h-Alba nas tràithe am-bliadhna feuch smachd a chur na th' ann de dh'àitichean-fuirich air màl ghoirid.
Dragh
Fon reachdas sin, feumaidh gach ùghdarras ionadail sgeama-ceadachd a stèidheachadh 'son àitichean-fuirich air màl ghoirid. Thàinig an lagh ùr às dèidh do choimhearsnachdan air feadh na h-Alba dragh a thogail mu na th' ann de thaighean is flataichean a tha a' dol air màl ghoìrid 'son gnìomhachas na turasachd.
Tha draghan a' leantainn mu cho doirbh 's a tha do dhaoine òga gu sònraichte taighean a cheannach no fhaighinn air màl air a' Ghàidhealtachd, agus anns na seachdainnean mu dheireadh tha NHS na Gàidhealtachd air taigheadas a chomharrachadh mar fhear de na prìomh dhuilgheadasan a th' aca luchd-obach gu leòr fhastadh ann an sgìrean dùthchail.
Tha ionad cùram èiginn Ospadal Phort Rìgh an-dràsta dùinte rè-uine ri linn dìth luchd-obrach.
"Dhearbh an rannsachadh againn gu bheil gainnead thaighean math aig màl reusanta anns cha mhòr gach coimhearsnachd ann an Alba", thuirt stiùiriche poileasaidh Caidreachas Albannach nan Comann Taigheadais, Aaron Hill.
"Tha àite air leth cudromach aig comainn thaigheadais is co-chomainn a thaobh seo: tha iad a' togail thaighean math, sàbhailte, blàth aig màl reusanta is tha seo a' cur gu mòr ri coimhearsnachdan.
Prìomhachas
"Ged a nì na planaichean aig Riaghaltas na h-Alba 'son taighean ùra a thogail feum, tha uallach ionmhais mòr air na buill againn an-dràsta is tha sin a' toirt buaidh air na comasan aca taighean a thogail.
"Tha sinn ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba an t-airgead a tha iad a' cosg air taigheadas sòisealta a chur suas gach bliadhna. Bheireadh seo taic do dhaoine aig àm nuair a tha cosgaisean bith-beò cho àrd, cho math ris an eaconomaidh a chuideachdadh le obraichean a chruthachadh, agus cuideachd le coimhearsnachdan a neartachadh", thuirt e.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil taigheadas aig prìs reusanta air a bhith na phrìomhachas dhaibh bho chionn fhada.
Dh'innis iad gun deach 109,000 taigh ùr a thogail bho 2007 is gu bheil iad air cur romhpa 110,000 eile a thogail ro 2032.
Thuirt iad gum bi co-dhiù 70% de na taighean sin ri fhaighinn air màl shòisealta, is gum bi 10% ann an sgìrean dùthchail is eileanach.
Tha an Riaghaltas ag ràdh gu bheil £3.6bn ann 'son taigheadais aig prìs reusanta san teirm phàrlamaid seo.