Dh'aidich CnES gu bheil dragh ann mu phlana Fhlodaigh

  • Air fhoillseachadh
Eilean FhlodaighTùs an deilbh, Google

Tha Comhairle nan Eilean Siar air aideachadh gu bheil draghan mòra sa choimhearsnachd mu phlana 'son factaraidh haidraidsein agus amòinia a stèidheachadh air Eilean Fhlodaigh an Sgìre Ùige an Lèodhas.

Thàinig e am bàrr anns na seachdainnean mu dheireadh gun robh a' Chomhairle a' moladh Eilean Fhlodaigh anns a' chiad dol a-mach mar làrach airson ionad-uidheamachaidh do thuathan-gaoithe aig muir, agus an uair sin 'son factaraidh ri taobh sin far am biodh haidraidsean agus amòinia gan chruthachadh.

'S e a' chompanaidh, Northland Power, a tha an dùil tuath-gaoithe a thogail far a' chosta mar phàirt de leasachadh ScotWind, a bhiodh a' cleachdadh an ionaid.

Chan eil duine a' fuireach ann an Eilean Fhlodaigh, a tha far chladach Chàirisiadair agus Ghèidhsiadair, ann an Loch Ròg, ach tha mì-thoileachas air sìor fhàs san sgìre bho nochd na planaichean.

Ann an aithisg a thèid air beulaibh chomhairlaichean an ath-sheachdain, tha oifigearan ag ràdh gu bheil coltas ann gum biodh buannachd mhòr an cois an leasachaidh, ach gu bheil iad mothachail gu bheil beachdan làidir sa choimhearsnachd mu Fhlodaigh.

Mar sin, tha an aithisg ag ràdh gun coimhead iad a-rithist air liosta de làraichean eile a dh'fhaodadh a bhith freagarrach 'son factaraidh haidraidsean agus amòinia.

Rachadh an liosta sin air beulaibh chomhairlichean às dèidh co-chomhairle aig ìre na coimhearsnachd.

Tha oifigich a' moladh ge-tà, gun tèid a' Chomhairle air adhart le ionad-uidheamachaidh airson tuathan-gaoithe aig muir air taobh siar Leòdhais.

Sgrùdadh

Thèid iarraidh air buill aontachadh ri sgrùdadh a choimheadas air làraichean air taobh siar Leòdhais a bhiodh freagarrach.

Tha an aithisg ag ràdh gu bheil na companaidhean leasachaidh fhèin a fhuair na còirichean tro Scotwind - Northland Power agus Magnora - airson is gum bi an t-ionad ann an Steòrnabhagh, ach gu bheil a' Chomhairle den bheachd gu bheil argamaid làidir ann taobh siar an eilein a chleachdadh, is ag ràdh gun rachadh cosnaidhean a chruthachadh taobh a-muigh a' bhaile.

Ged a tha an aithisg ag ràdh gun tèid coimhead airson làraichean eile airson na factaraidh haidraidsein agus amòinia a thuilleadh air Eilean Fhlodaigh, chan eil dearbhadh ann gu bheil iad a' dèanamh an aon rud a thaobh an ionaid, ged a thuirt oifigear aig coinneimh phoblaich ann an Sgìre Ùige gu bheil làraichean eile san amharc.

A thuilleadh air seo, tha an aithisg cuideachd a' togail air draghan a th' aig a' Chomhairle fhèin mu ScotWind.

Nam measg, tha nach bi a' bhuannachd 'son na coimhearsnachd mòr gu leòr ged a bheir na leasachaidhean buaidh mhòr air coltas an àite.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil aonta ann gum feum buannachd mhòr a bhith ann, ach gu bheil dùil aig an ìre seo gun tèid a' chumhachd a thèid a chruthachdadh far chosta Leòdhais air tìr ann an Dùnrath.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gum feum a' chumhachd tighinn air tìr anns na h-eileanan fhèin gus buannachd cheart fhaighinn às na leasachaidhean.

Thèid an aithisg air beulaibh chomhairlichean Diciadain an 22 den Ògmhios.