
Nì Comhairle nan Eilean Siar measadh air buaidh dùnadh cidhe Ùige san Eilean Sgitheanach airson obair leasachaidh fad sia mìosan air na h-Eileanan Siar.
Dùinidh an cidhe san Damhair. Tha aithrisean ann gu bheil gnothachasan ann an Uibhist is na Hearadh am beachd dùnadh fad a' gheamhraidh nuair a bhios iad as aonais aiseig eadar Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh.
Thuirt cathraiche Comataidh Còmhdail na Comhairle, an Comh. Ùisdean Robasdan, gun deach coimhead air buaidh dùnadh a' chidhe ron seo, ach nach deach a dhèanamh ann an "doimhneachd mhòr sam bith".
Dh'innis an Comh. Robasdan gu bheil iomagain mhòr ann mun ghnothach.
"Tha sinn air a bhith ag iomairt timcheall air seo a-nise 'son ùine mhòir. Nuair a chaidh seo a thogail an toiseach 's e dùnadh de shia sheachdainnean a bh' ann. Chaidh e an uairsin gu dusan seachdain, is tha e a-nise aig sia mìosan agus tha dragh air daoine gun tig e thairis air sin cuideachd", thuirt e.
'S ann le Comhairle na Gàidhealtachd a tha cidhe Ùige is thuirt an Comh. Robasdan gur e briseadh-dùil a th' ann nach do rinn iadsan Measadh Buaidh Eileanach air a' phlana.
Fianais
Thuirt e gu bheil coltas ann nach eil Riaghaltas na h-Alba a' tuigsinn cho mòr 's bhios a' bhuaidh air coimhearsnachdan, is gun tèid am measadh a nì a' Chomhairle a chleachdadh mar fhianais.
"Tha sinn air a bhith ag argamaid leis an Riaghaltas grunn mhìosan timcheall air seo is tha iadsan a' tighinn air ais ag ràdh nach bi a' bhuaidh cho mòr 's a tha sinne a' dèanamh a-mach. Rinn sinn a-mach gum feum sinn dìreach coimhead air dè a' bhuaidh a bhios aige air na gnìomhachasan uileag, dè a' bhuaidh a bhios air beatha dhaoine, thoradh tha bathar a' tighinn a-staigh - tha buaidh aige oirnn uile", thuirt e.
Tha a' Chomhairle a' cur ìmpidh air an Riaghaltas coimhead air clàran-ama eadar-amail a chur an-sàs, neo soithichean eile a cheannach neo a ghabhail air màl mar dhòigh staing nan aiseagan a leasachadh san ùine ghoirid.
Dh'innis an Comh. Robasdan gu bheil e mothachail air na h-aithrisean gun dùin cuid de ghnothachasan nuair a tha an cidhe dùinte, is beachd fiù 's nach fosgail cuid a-rithist.
Tha e ag ràdh gu bheil feum air taic shònraichte is gu bheil eisimpleirean den leithid ann bho àitichean eile.
Thog e air Dùn Èideann is taic-airgid do ghnothachasan nuair a bha obair nan tramaichean a' dol air adhart.
Tha dùil gum bi am measadh a nì a' Chomhairle deiseil aig deireadh an Iuchair.