
Chosgadh e còrr air £4.7m an dachaigh-cùraim, Bugha Mòr, ann am Port Righ a thoirt gu ìre iomchaidh, a rèir aithisg le companaidh comhairleachaidh togail.
Tha CrossReach, a bha ga ruith às leth Eaglais na h-Alba, air innse gum feumadh an dachaigh dùnadh, ged a tha an co-dhùnadh sin air dragh mòr adhbhrachadh.
B' e NHS na Gàidhealtachd a dh'iarr gun deadh an aithisg ullachadh.
Tha an aithisg ag ràdh gun gabh an togalach a chleachdadh san fharsaingeachd.
Ach tha iomraidhean ann cuideachd nach eil i buileach aig ìre a tha a' freagairt air feumalachdan agus riaghailtean an là an-diugh.
Dh'fheumte còrr air £4.7m a chosg air an togalach a thoirt gu ìre, a rèir na h-aithisg - cosgais nach fhiach a phàigheadh, tha an aithisg ag ràdh.
Am measg nam molaidhean tha gun deadh mullach ùr a chur air a mhòr-chuid den togalach, chan eil siostam sprionglair ann airson teine a mhùchadh.
Tha cuideachd asbestos san togalach ach chan eil plana iomchaidh ann airson dèiligeadh leis.
Tha an aithisg a' moladh nach eil an togalach freagarrach airson a bhith na dhachaigh-cùraim agus nach fhiach a chàradh aig a' phrìs.
Thuirt Crossreach roimhe gu bheil iad duilich gum feum an dachaigh dùnadh ach gu bheil àite do gach neach-còmhnaidh ann an dachaigh-cùraim Home Farm ann am Port Rìgh.