
Chaidh iarraidh air Riaghaltas na h-Alba dàil a chur air leasachadh cidhe Ùige san Eilean Sgitheanach.
Bhiodh an leasachadh airson leigeil le bàta-aiseig ùr an cìdhe a chleachdadh.
Tha Ball nan Eilean Siar sa Pharlamaid Albannaich ag ràdh gum feumar dòigh nas fhearr a lorg airson seirbheisean aiseig a chumail ri Uibhist a Tuath agus na Hearadh mus tèid an obair air adhart.
Tha dùil gun tòisich an obair-leasachaidh aig cidhe Ùige san Damhair, agus gum bi am port aiseig dùinte airson co-dhiù sia mìosan.
Ceangalaichean
Tha sin a' ciallachadh gun caill Uibhist a Tuath agus na Hearadh na ceangalaicheann aiseig aca leis an Eilean Sgitheanach - rud a th' air dragh mòr adhbharachadh sna h-eileanan.
Thuirt am BPA, Alasdair Allan, mura gabh dòigh a lorg airson seòlaidhean a chumail a' dol eadar na h-Eileanan Siar agus an t-Eilean Sgitheanach, gum feumar roghainn eile fhaighinn airson seirbheisean aiseig iomchaidh a chumail ri Loch nam Madadh agus an Tairbeart.
Thuirt Mgr Allan gun robh e air a ràdh uair às dèidh uair nach obraicheadh plana airson luchd-siubhail agus bathar na Hearadh a chur taobh Steòrnabhaigh - agus nach fhuilingeadh Uibhist a Tuath lùghdachadh den treas chuid ann an comas giùlain aiseig Loch nam Madadh nuair a thòisicheas i a' seòladh a dh'Ullapul.
Thuirt e gun robh e air leth iomagaineach gun robh an uimhir de mì-chinnt ann mu sheirbheisean 's gun ach beagan mhìosan air fhàgail mus tòisich ath-leasachadh chidhe Ùige, agus le sin gun robh e air iarraidh air Riaghaltas na h-Alba coimhead an gabh dàil a chur air an obair chun an aon àm an ath-bhliadhna, no gus an tèid soithichean a bharrachd fhaighinn airson na h-eileanan a fhrithealadh.