Dàil air co-dhùnadh a chuireadh às do thalla-ciùil

Dh'aontaich comhairlichean Gàidhealach dàil a chur air cho-dhùnadh leigeil le taigh-òsta mòr a bhith air a thogail ann am meadhan Inbhir Nis.

Bhiodh cead dhan phlana a' ciallachadh gun deigheadh an talla-ciùil an Ironworks air Sràid na h-Acadamaidh a leagail.

Roghnaich comataidh maill a chur air co-dhùnadh gus an tèid beachdachadh air fiosrachadh ùr a thàinig am bàrr. Seo Eileen NicDhòmhnaill.