
Tha dragh air Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach mun bhuaidh a bhios aig prìsean àrda air a' ghnìomhachas, agus iad ag iarraidh tuilleadh taic bhon Riaghaltas.
Tha cosgaisean bith-beò air a bhith ag èirigh anns na mìosan a chaidh seachad, agus dùil gur ann nas àirde a thig iad ro dheireadh na bliadhna.
Bha buill den aonadh an làthair aig Fèill Rìoghail na Gàidhealtachd ann an Ingliston an t-seachdain seo.

Thuirt Raibeart Dòmhnallach bhon NFU gur e nithean bunaiteach mar bhiadh, connadh agus todhar ceimigeach a tha ag èirigh ann am pris, agus a tha a' toirt droch bhuaidh air tuathanaich.
"Tha sinn eòlach air gnothaichean a' dol suas ann am prìs beagan, ach tha iad air dùblachadh is còrr agus tha fada bharrachd chosgaisean oirnn, agus tha mi dìreach an dòchas, nuair a thig foghair gum faigh sinn air ais beagan dha na tha sinn air a chur a-mach", thuirt e.
Ach thuirt Mgr Dòmhnallach cuideachd nach eil cus dòchais aige gun tig piseach air cùisean san aithghearrachd.
"Tha an dòigh 's a tha daoine a' cosg airgid air atharrachadh. Tha e doirbh dhomh faicinn ciamar a gheibh sinn barrachd airson an stuic a tha sinn a creic".
Agus tha an NFU ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh barrachd taic bhon Riaghaltas.
"'S e connadh an rud as deuchainne dhan a h-uile duine. Nam b' urrainn dhaibh lùghdachadh a thoirt air prìs an dìosail dheirg, dhèanadh sin cuideachadh do mheall."
Thuirt am BPA Màiri NicAilein, a tha na ministear airson na h-àrainneachd, agus a bha an làthair aig an fhèill, gu bheil diofar ghnìomhan aca an sàs, agus gun obraich iad le Riaghaltas Westminster gus feuchainn ri fuasgladh a lorg.