Naidheachdan 11:00m
Fo-thaghaidhean
Thuirt Boris Johnson gun lean e air agus gun toir e èisteachd do luchd-bhòtaidh an dèidh dha na Tòraidhean dà sheat a chall ann am fo-thaghaidhean. Thug na Libearalaich Dheamocratach roinn Tiverton agus Honiton ann an Devon bhuapa, agus na Làbaraich Wakefield ann an Yorkshire. Dh'fhàg co-chathraiche nan Tòraidhean, Oliver Dowden, a dhreuchd agus esan ag ràdh gum feum cuideigin coire a ghabhail airson suidheachadh a' phàrtaidh. Thuirt ceannard nan Làbarach, Sir Keir Starmer, gu bheil a' bhòt an-dè a' sealltainn gur iadsan an ath-riaghaltas a bhios ann.
Stailc na Rèile
Tha maill air na h-uimhir de na seirbheisean rèile an-diugh a-rithist le buaidh stailc an là an-dè. Cha tàinig aonta fhathast à còmhraidhean mu phàigheadh agus cùmhnantan obrach, agus tha a h-uile dùil ris an treas stailc a-màireach. Aig a' cheart àm bhòt mòran de luchd-obrach British Airways aig Heathrow airson stailce, agus iad mì-thoilichte le am pàigheadh.
Prìsean
Tha na figearan as ùire ag ràdh gun robh daoine a' ceannach nas lugha sa Chèitean. Bha na chaidh a reic de bhiadh sìos 1.6%, agus tha Oifis nan Staitistig Nàiseanta ag ràdh gun robh lùghdachadh 0.5% sna chaidh a reic de stuthan eile agus daoine leisg air ceannach le prìsean a' sìor èirigh.
Cidhe Ùige
Dhearbh Nicola Sturgeon gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' beachdachadh air dàil a chur air leasachadh cidhe Ùige san Eilean Sgitheanach. Thog Alasdair Allan, Ball nan Eilean Siar, a' chùis ann am Pàrlamaid na h-Alba, agus esan am measg na tha ag iarraidh maill air an obair gus an tèid seirbheisean eadar-amail a chur air dòigh a fhreagras nas fheàrr air Uibhist a Tuath 's air na Hearadh nuair a bhios cidhe Ùige dùinte. Thuirt Nicola Sturgeon gu bheil iad ag obair air slighe air adhart, ach gu bheil cunnart ann cuideachd ann an cur maill air an obair ann an Ùige.
Port Rìgh
Tha luchd-iomairt ag ràdh gun lean iad orra a' strì airson dachaigh-cùraim a' Bhugha Mhòir ann am Port Rìgh a chumail fosgailte. Tha sin a dh'aindeoin dearbhadh bho NHS na Gàidhealtachd nach gabh iadsan thairis i. Tha CrossReach a tha a' ruith na dachaigh do dh'Eaglais na h-Alba ag ràdh nach eil airgead acasan a chàras an togalach, agus gun dùin iad an dachaigh aig deireadh na h-ath-mhìos.