
Bhàsaich fireannach san ospadal seachdain an dèidh dha a bhith air a ghoirteachadh ann an tubaist air Ghàidhealtachd 's e air turas motar-baighseagal air slighe an "North Coast 500."
Bha Adrian Placzek, à Worthing, ann an Sussex an Iar, ann an tubaist le Skoda Karoq air an A836 aig Quarryside ann am Baile a' Chaisteil ann an Gallaibh air an 14mh den Ogmhìos.
Chaochail e ann an Ospadal Rìoghail Obar Dheathain air an 22mh den Ogmhìos.
Thuirt teaghlach Mhgr Placzek, aois 59 bliadhna, gu robh an turas air an NC500 còmhla ri caraidean air a bhith a' còrdadh ris gu mòr.
Ann am brath-naidheachd thuirt a theaghlach gu robh e na athair gràdhach do dhithis chloinn òig agus gu robh e a' fàgail cuimhneachain mhath aig a chèile, Linda, agus a theaghlach agus caraidean.
Dh'iarr Poileas Alba fiosrachadh mu na thachair.
Thuirt an Seairdeant Eòghann Calder: "Tha sinn fhathast a' rannsachadh dè a thachair agus tha co-fhaireachdainn againn le teaghlach Adrian aig an àm dhuilich seo.
"Tha sinn a' cur ìmpidh air duine sam bith a chunnaic an tubaist, no aig a bheil dealbhan dashcam a dh'fhaodadh ar cuideachadh fios a chur thugainn."