Raon goilf Chaisteil Stiùbhairt air a cheannach le Cabot

  • Air fhoillseachadh
Raon Links Chaisteil StiùbhairtTùs an deilbh, Cabot

Chaidh fear de phrìomh raointean goilf na Gàidhealtachd a cheannach le buidhean Chainèideanach aig a bheil làraichean goilf air feadh an t-saoghail.

Tha planaichean mòr aig Cabot airson làrach Chaisteal Stiùbhairt faisg air Inbhir Nis.

Tha iad an dùil an dàrna raon goilf a thogail ri taobh na raoin a tha ann mur tha.

Bidh an cùrsa ùr a' dol mu chuairt a' chaisteil.

Caisteil StiùbhairtTùs an deilbh, Cabot

Tha Cabot cuideachd ag amas air àiteachan còmhnaidh aig àrd ìre a thogail ann, a thuilleadh air bùitean agus àiteachan bìdh.

Bidh an làrach air fad aithnichte mar Cabot Highlands.

Thèid tòiseachadh air an obair gus cead-dealbhachaidh fhaighinn às t-fhoghar agus tha a' bhuidhean an dòchas gun tòisich an obair togail ann an 2023 leis an amas gum bi i deiseil ann an 2024.

Tha an sgioba a bha a' ruith Caisteal Stiùbhairt a-nis mar phàirt de sgioba Chabot.

Tha Cabot air leudachadh gu mòr bho chionn ghoirid.

Tha raon aca mur tha ann an Ceap Breatainn agus tha dùil gum fosgail iad làrach ann an St Lucia an ath-bhliadhna.

Tha iad cuideachd an sàs ann an leasachadh ann am British Columbia agus Florida.

Taigh-cluba Chaisteil StiùbhairtTùs an deilbh, Cabot

Chumar farpais fhosgailte na h-Alba aig Caisteal Stiùbhairt ceithir tursan.

Thuirt Àrd-oifigear Cabot, Ben Cowan-Dewar: "Se urram a th' ann a bhith an urra ris a' phìos fhearainn seo agus gluasad air adhart le na planaichean a bh' ann bho thùs airson na làraich.

"Se glè bheag de dh'àiteachan air an t-saoghal a tha cho mìorbhaileach ris a' Ghàidhealtachd."