Naidheachdan 11:00m
Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba sa chathair air àrd-choinneimh ann an Dùn Èideann a tha a' deasbad mar a tha togail-fianais a' sìor thachairt nas trice aig ionadan casg-breith ann an Alba. Tha Nicola Sturgeon a' cur taic ri iarratas airson sònaichean dìon aig clionaigean agus ospadalan aig a bheil seirbheisean casg-breith. Tha buidhnean a tha an aghaidh casg-breith a' dìon an còraichean a bhith a' togail fianais taobh a-muigh iondan den t-seòrsa sin agus taic a thoirt do bhoireannaich aig am bheil feum air sin.
Dh'aontaich dùthchannan an G7 sreath ùr smachd-bhannan an aghaidh na Ruis. Thuirt oifigich aig a' chruinneachadh anns a' Ghearmailt gun cuir iad sin bacadh air an Ruis bho bhith a' cleachdadh teicneòlais bhon taobh shiar airson armachd a leasachadh. Thuirt Boris Johnson, a tha aig an àrd-choinneimh, gu bheil iad uile aonaichte air cùis na h-Ucràin ged a tha aithrisean ann air sgaradh bheachd eadar feadhainn de na dùthchannan. Tha Ceann-suidhe na h-Ucràin, Volodymyr Zelensky, a' gabhail pàirt ann le ceangal bhideo agus nì e iarratas airson tuilleadh taice le armachd.
Bidh bhòt ann an Taigh nan Cumantan feasgar air plana a bheireadh cead dhan riaghaltas cur às do dh'aonta Bhrexit airson malairt ri Èirinn a Tuath. Tha an t-Aonadh Eòrpach ag ràdh gum bristeadh am bile lagh eadar-nàiseanta.
Tha fear-iomairt ag ràdh gum feum ùghdarrasan ionadail na h-Alba na cumhachdan a tha aca a chur gu feum airson talamh prìobhaideach a cheannach airson taigheadais. Tha Andy Wightman, a tha a' strì airson còraichean fearainn, a' moladh dha na comhairlean òrdughan ceannaich a chleachdadh airson talamh a cheannach ann an sgìrean dùthchail anns am bheil taigheadas gann. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' cur romhpa siostam nan òrdughan ceannaich a dhèanamh nas èifeachdaiche.
Tha Riaghaltas na h-Alba a' toirt cead do dh'ùghdarrasan ionadail seirbheisean bus a ruith, rud a bha toirmisgte dhaibh le Achd na Còmhdhail 1985 a chaidh ùrachadh bho chionn ghoirid. Thuirt Ministear na Còmdhail, Jenny Gilruth, gun toir sin cothrom dha na comhairlean seirbheisean bus a leasachadh le bhith gan ruith iad fhèin neo còmhla ri buidhnean eile.