
Tha Fòram Còmhdhail na Hearadh am measg na bheir seachad fianais Dimàirt.
Cluinnear fianais aig Holyrood Dimàirt bho bhuidhnean coimhearsnachd eileanach mu mar a tha iadsan a' faicinn staid seirbheisean aiseig ann an Alba.
Tha grunn choimhearsnachdan air a bhith a' togail ghearainnean sna bliadhnaichean a dh'fhalbh mu aiseagan a' briseadh sìos, clàran-siubhail gan tanachadh, is maill mhòr air bàtaichean-aiseig ùra, am measg eile.
Thèid an fhianais a thoirt seachad do choinneimh de Chomataidh Còmhdhail na Pàrlamaid madainn Dimàirt.
Tha seo air thoiseach air rannsachachadh comataidh air aiseagan na h-Alba.
Chan eil e dearbhte gu deireannach dè bhios an rannsachadh a' faighneachd fhathast, ach tha dreach dheth an-dràsta ag ràdh gum bi e a' faighneachd dè tha a dhìth air luchd-cleachdaidh, ciamar a bu chòir do sheirbheisean a bhith air an ruith is cò leis, is dè seòrsa soithichean a bhiodh freagarrach.
Cluinnear Dimàirt bho shia buidhnean coimhearsnachd eileanach.
'S e seisean farsainn a bhios ann, a' coimhead air iomadach rud ceangailte ri mar a tha na h-aiseagan ag obrachadh no nach eil, dha na coimhearsnachdan a tha iad a' frithealadh.
Nam measg Buidheann-Ghnìomha Aiseagan Eilein Arainn, is Fòram Còmhdhail na Hearadh - dà àite a tha a' feitheamh air aiseagan a tha gu bhith co-dhiù còig bliadhna air dheireadh, is a dhà uimhir gu leth nas daoire na bha còir aca a bhith.