Oifigear Gàidhlig airson sgìre Chàrlabhaigh

  • Air fhoillseachadh
Dùn ChàrlabhaighTùs an deilbh, Stuart Wilding/Geograph

Tha Comann Coimhearsnachd Chàrlabhaigh a' sireadh neach a dh'obraicheas a dh'ionnsaigh cleachdadh is inbhe na Gàidhlig a leasachadh san sgìre.

Bidh an t-oifigear ùr stèidhichte anns an ionad choimhearsnachd ùr a dh'fhosglas aig deireadh an Iuchair.

Le taic-maoineachaidh bho Bhòrd na Gàidhlig, bidh obair làn-ùine ri fhaighinn airson bliadhna.

Thuirt Iain MacArtair bho Chomann Coimhearsnachd Chàrlabhaigh:

"Tha sinn a' sireadh oifigeir Ghàidhlig, cuideigin a bheir cleachdadh na Gàidhlig agus 's dòcha inbhe na Gàidhlig agus ìomhaigh na Gàidhlig air adhart anns an sgìre.

"Tha a' Ghàidhlig làidir gu leòr fhathast anns an sgìre agus tha sinn a' gabhail a' chothroim, seach gu bheil ionad coimhearsnachd ùr ga thogail, air rudeigin ùr a dhèanamh anns an ionad a tha sin."