
Chuir Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, Raymond Bremner, fàilte air cumhachdan ùra a leigeas le ùghdarrasan ionadail na seirbheisean bhusaichean aca fhèin a ruith.
Bheir reachdas a thàinig a-steach Diluain cothrom do chomhairlean air feadh Alba seirbheisean bhusaichean poblach a stèidheachadh airson a' chiad turas bho 1985.
Tha Riaghaltas na h-Alba an dòchas gun toir na cumhachdan togail do sheibheisean ionadail.
Bha an Comh. Bremner ag ràdh gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd airson coimhead ris a' chothrom seo:
"Bheir seo cothrom dhuinn coimhead ris an argamaid ghnothachais airson seirbheisean còmhdhail a stèidheachadh sinn fhìn, gu h-àraid ann an àitichean far a bheil e air a bhith duilich seirbheisean a thoirt seachad.
"'S dòcha gum bi cothroman ann, ach bidh sin a rèir iarrtais agus mar a sheallas sinn ris an iarrtas a riarachadh."