
Tha taighean ùra gu mòr a dhìth ann an iomadh sgìre 's prìsean ro àrd do mhuinntir an àite
Tha buidheann nan tuathanach bradain, Bradan na h-Alba, ag iarraidh gun tèid am màl a tha iad a' pàigheadh do dh'Oighreachd a' Chrùin a chosg air taigheadas ann an sgìrean mu chladaichean na h-Alba.
Tha iad ag ràdh gu bheil gainnead thaighean a' cumail a' ghnìomachais acasan, agus eaconomaidh sgìrean iomallach, air ais.
Agus tha iad ag ràdh gu bheil àrdachadh prìs thaighean sna sgìrean sin nas motha na tha a' tachairt sa chumantas air feadh Alba.
Tha gnìomhachas a' bhradain a' pàigheadh màil £5m gach bliadhna do dh'Oighreachd a' Chrùin an Alba airson grunnd na mara, agus tha dùil gun dùblaich sin a dh'aithghearr.
Leudachadh
Tha a' bhuidheann Bradan na h-Alba a' moladh am màl a chosg air taigheadas air prìs, agus màl, reusanta anns na sgìrean sa bheil iad ag obair.
Tha iad ag ràdh gu bheil dìth thaigheadais a' casg leudachadh a' ghnìomhachais, agus cothroman do dhaoine òga gu h-àraid, a bhith a' fuireach 's ag obair sna sgìrean sin.
Thuirt iad gu bheil prìsean nas àirde sa chumantas ann an sgìrean mu na cladaichean na tha sa chòrr de dh'Alba, agus gu bheil e a' toirt tòrr nas fhaide na chleachd do dh'ùghdarrasan ionadail agus do bhuidhnean taigheadais taighean ùra a thogail.
Tha teachd-a-steach Oighreachd a' Chrùin a' dol a dh'èirigh gu mòr an ath-bhliadhna, bho £26m gu còrr is £100m, ri linn leasachadh tuathan-gaoithe aig muir, agus tha Bradan na h-Alba a' moladh co-dhiù £10m gach bliadhna dheth sin a chosg air taigheadas.