
Thèid mìneachadh iarraidh air Àrd-Oifigear Chomhairle nan Eilean Siar a thaobh carson a dhiùlt oifigich pàipearan sònraichte a thoirt do luchd-sgrùdaidh an ùghdarrais.
Tha gearain mun sin ann an aithisg bhliadhnail an Àrd-Neach-Sgrùdaidh.
Thèid a' chùis mu choinneimh na Làn-Chomhairle Diciadain agus buidheann an SNP a' sireadh taic bho bhuill eile 'son freagairt fhaighinn bhon Àrd-Oifigear.
A thuilleadh air draghan mu ghainnead luchd-obrach a tha an aithisg ag ràdh a tha a' cur Roinn an Sgrùdaidh ann an cunnart, tha draghan mòra gan nochdadh mu dhà shuidheachadh far an do dhiùlt oifigearan aig àrd-ìre cead do luchd-sgrùdaidh pàipearan fhaighinn a bha iadsan a' meas cudromach dhan obair-sgrùdaidh a bha iad a' dèanamh.
Tha iad ag ràdh gu bheil e riatanach gu bheil luchd-sgrùdaidh na Comhairle fhèin a' faighinn cothruim pàipearan sam bith fhaicinn mar phàirt den obair aca.
A rèir na h-aithisg, chuir a' bhuidheann sgrùdaidh fios mu na thachair gu Buidhinn Sgrùdaidh na h-Alba, agus dh'iarr Àrd-Oifigear na Comhairle, Malcolm Burr, comhairle mun ghnothach.
Tha an aithisg ag ràdh gun deach dearbhadh a dhèanamh air na còraichean a th' aig luchd-sgrùdaidh san t-suidheachadh seo.
Tha am BBC a' tuigsinn gun deach deasbad sradagach, agus a rèir aon neach "mì-chofhurtail" a chumail gu dìomhair le cuid de bhuill ag iarraidh fhreagairtean feuch dè na pàipearan a chaidh a dhiùltadh agus cò na h-oifigich aig àrd-ìre a dhiùlt iad.
Aig a' choinneimh den Làn-Chomhairle madainn Diciadain tha dithis de bhuill an SNP, an Comh. Ray MacCoinnich agus an Comh. John A MacÌomhair, air moladh a chur air adhart ag iarraidh gun deasaich Àrd-Oifigear na Comhairle aithisg a' mìneachadh dè an seasamh laghail a bh' ann nuair a chaidh cothrom air na pàipearan a dhiùltadh, agus dè dìreach na h-adhbharan a bh' ann.