Co-chomhairle air bile ùr ath-leasachaidh an fhearainn

  • Air fhoillseachadh
Fearann

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba molaidhean "cruth-atharachail" a tha ag amas air dèiligeadh ri draghan mu shealbh fearainn.

Tha co-chomhairle a' tòiseachadh air Bile Ath-leasachaidh an Fhearainn, a tha ag amas air leudachadh a thoirt air an aireimh dhaoine leis a bheil fearann ann an sgìrean dùthchail na h-Alba.

Am measg nam molaidhean tha "deuchainn maith a' phobaill" airson sgrìoban mòra fearainn a reic.

Fo na planaichean, dh'fheumadh uachdarain a tha an dùil pìos mòr fearainn a reic fios a chur air buidhnean coimhearsnachd ro làimh gu bheil iad am beachd sin a dhèanamh.

Dh'fheumadh cuideachd iadsan a tha a' sireadh shubsadaidhean am fearann aca a chlàradh ann an Clàr Fearainn na h-Alba, airson dèanamh cinnteach gu bheil fhios le cinnt ann cò a tha a' faighinn buannachd à maoineachadh phoblach.

Bidh a' cho-chomhairle a' ruith thar an t-Samhraidh, 's tha dùil gun tèid am bile a chur mu choinneimh na Pàrlamaid ro dheireadh na h-ath-bhliadhna.

Gheibhear a' cho-chomhairle an seo, taobh a-muigh.